Rud a Thachair Poem by Maoilios Caimbeul

Rud a Thachair

B' e madainn a bh' ann mar mhadainn sam bith eile;
dh'èirich mi, chuir mi umam, rinn mi cupa cofaidh;
thug mi sùil air an t-sìde—latha tioram eile—agus chuir mi
air an rèidio.

Bha an tè às an Eilean Dubh, aig a bheil an cù, Dileas, a'
bruidhinn;
rud aotrom airson cridhe a chumail ruinn air madainn
gheamhraidh;
còmhradh is plòigh, 's dòcha òran no dhà, corra bhioradh
beag.

Bha na cèisean bho Morning Star 'nan laighe air an t-
sèithear.
Thog mi tè gun smaoineachadh, tè sam bith, a' chiad tè
bhon chàrn
agus thòisich mi a' leughadh About nothing in particular
le Thomas A. Clark.

B' ann mu dheidhinn neoni a bha na dàin to make a short
song
out of nothing agus a-rithist the thistle and the gorse
the kiss, the blessing, the curse

are built on nothing, agus bha Mòrag à Uibhist 's às an
Eilean Dubh
a' bruidhinn ri boireannach à Tiriodh, agus b' e Nonnie a
bh' oirre
agus bha i ag ràdh a h-ainm mar gun canadh tu ‘neoni'

agus dh'fhairich mi gaoir beag a' ruighinn mo spioraid,
no co-dhiù am pàirt ud a tha do-ruighinn. Agus airs bith an
e gòraich
no sàr-ghliocas gun ainm a bh' ann

dh'fhairich mi gun robh e air leth neònach, Nonnie agus
‘neoni'
a' coinneachadh mar siud anns an fhalamhachd
agus ag èirigh gu chèile às an t-sruth do-sheachanta.

COMMENTS OF THE POEM
READ THIS POEM IN OTHER LANGUAGES
Close
Error Success